Paidhleat ann an tubaist Uibhist ga ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Peadar ClunasTùs an deilbh, Teaghlach Pheadair Clunas

Dh'ainmich na poilis am paidhleat a chaill a bheatha ann an tubaist heileacoptair ann an Uibhist a Tuath Diciadain.

Bhoineadh Peadar Clunas, aois 59, ri sgìre Newburgh ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Chaidh Mgr Clunas a mharbhadh nuair a chaidh an heileacoptair aige sìos dhan uisge aig Loch Sgadabhaigh 's e a' dèanamh obrach aig tuathanas èisg.

Ann am brath-naidheachd a dh'fhoillsich a theaghlach thug iad taing do na seirbheisean èiginn a dhèilig ris an tubaist.

"Se fìor charactar a bha ann am Peadar agus bu chaomh leis a bhith a' sgèith gu mòr.

"Bha e cuideachd measail air rothaireachd agus bu chaomh leis a bhith a' snàmh.

"Bidh a h-uile duine a bha eòlach air ga ionndrainn," thuirt iad.

Tha Mgr Clunas a' fàgail cèile, Angela, agus dithis mhac, Alasdair agus Bob.

Tha sgioba bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair (AAIB) ann an Uibhist a Tuath a' rannsachadh na thachair.

'S ann leis a' chompanaidh PDG Aviation a tha an heileacoptair AS350 Squirrel.

Bidh a' chompanaidh gu math tric ag obair do thuathanasan èisg air feadh nan eilean agus a' chost an iar agus bidh iad a' giùlain èisg òig agus uidheamachd bho làraich gu làraich.

Bha an heileacoptair a' giulain uidheamachd nuair a thachair an tubaist.

Co-fhaireachdainn

Thuirt PDG Aviation, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus ann an Glaschu, gun cuidicheadh iad leis an rannsachadh airson dearbhadh fhaighinn air dè dha-rìribh a thachair.

Thòisich an AAIB an sgrùdadh aca Diardaoin agus tha dùil gum mair an obair sin mìosan.

Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ian Graham gun robh co-fhaireachdainn aca do theaghlach Mhgr Clunas dhan choimhearsnachd ionadail.

Thug e taing cuideachd do dhaoine sa sgìre a thug cuideachadh seachad aig làrach na tubaist.