Thàinig cuairt air poidhleat

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair MhanchesterTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Laigh am plèana gu sàbhailte aig Port-adhair Mhanchester.

Chaidh plèana a bha a' dol eadar Inbhir Nis agus Eileanan Chaolas Shasainn far a cùrsa gu grad nuair a thàinig cuairt air a' cho-phoidhleat, a-rèir aithisg bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair.

Chaidh am plèana a chur a Mhanchester, far na laigh i gu sàbhailte.

Bha an Dash 8 turbo prop timcheall air letheach slighe tron turas eadar Inbhir Nis agus Jersey nuair a mhothaich am poidhleat gun robh crith anns a' cho-phoidhleat agus gun robh na gàirdeanan agus na làmhan aige air teannachadh.

Dh'iarr e taic bhon criutha, ach thòisich an t-itealan a' fiaradh gu aon taobh nuair a bha iad a' dèanamh air a' cho-phoidhleat, agus chaidh ban-stiùbhart a leagail gu làr.

Goirid às dèidh seo, thàinig cuairt eile - tè na bu mhìosa - air a' cho-phoidhleat, ach fhuair am poidhleat air a' phlèana a chumail air cùrsa.

Thàinig am plèana sìos gu sàbhailte ann am Manchester, agus cha deach duine dhen 43 luchd-siubhail a bh' air bòrd a ghoirteachadh.

Chaidh an co-phoidhleat a thoirt dhan ospadal.

Anns an aithisg aca, bha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair a' moladh a' chriutha airson 's mar a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.