Niall Iain cairteal slighe air thuras
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Niall Iain cairteal slighe eadar Aimeireagaidh agus Steòrnabhagh.

14 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Niall Iain Dòmhnallach air còrr air cairteal den t-slighe iomradh thar a' Chuain Shiar eadar na Stàitean Aonaichte agus Leòdhas, is e air a bhith aig muir fad trì seachdainean.

Tha e air còrr air 800 mìle a chur air a chùlaibh mu thràth.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt e: "Tha cùisean a' dol glè mhath a dh'innse na fìrinn - bha toiseach tòiseachaidh glè mhath agam a' tighinn a-mach à Norfolk ann am Virginia.

"Bha trioblaidean againn às dèidh sin airson a' chiad seachdain - cha robh mi a' dèanamh an adhartais bu mhiann leam, agus an uair sin, gu fortannach, fhuair mi grèim air a' Ghulf Stream agus rinn sin diofar mòr dhomh-sa.

"Bhon uair sin, tha mi air a bhith a' dèanamh glè mhath agus sin trì seachdainean aig muir a-nis - dìreach seachad air an sin - agus tha mi 800 mìle a-mach à Norfolk, Virginia, far an do thòisich mi.

"An-dràsta fhèin, tha mi mu 400 mìle deas air Sydney ann an Nova Scotia, so, chan eil cus adhbhar gearain agam idir.

"Dh'fhaodainn a bhith nas fhaide air adhart, ach tha mi far a bheil mi agus tha mi toilichte mu dheidhinn sin."