Cobhair air Niall Iain Dòmhnalach

Niall Iain Dòmhnallach
Image caption Chuir Niall Iain Dòmhnallach post-d dhan sgioba-taice aige, anns an do mhìnich e gun robh suailichean mòra a' bualadh air tron oidhche.

B'fheudar cobhair a dhèanamh air a' chraoladair Ghàidhlig Niall Iain Dòmhnallach a bha a' feuchainn ri iomradh tarsainn a' Chuain Shiar.

Ann am muir mhòr thàinig an sàl a-steach do chabin a' bhàta aige agus rinn sin milleadh mòr air an uidheamachd aige.

Thuirt e gu robh eagal a' bheatha air ach gu robh e toilichte fhaighinn às beò.

Bha Niall Iain Dòmhnallach air cairteal den t-slighe, faisg air 900 mìle, a dhèanamh eadar Virginia agus Steòrnabhagh nuair a bhuail droch shìde air oidhche Dhiardaoin.

B'fheudar dha gairm èiginn a chur a-mach mus robh aige ri teicheadh bhon bhàta aige 's i air a milleadh gu dona.

Eagal

Chaidh a thogail le soitheach carago Duitseach madainn Dihaoine.

Chuir e post-d dhan sgioba-taice aige, anns an do mhìnich e gun robh suailichean mòra a' bualadh air tron oidhche.

Thuirt e cuideachd gun do chuir e a-mach gairm èiginn agus gun d'fhuair e freagairt bhon t-soitheach Duitseach a thog bhon rath-sàbhalaidh e.

Dh'aidich Mgr Dòmhnallach nach robh a-riamh a leithid de dh'eagal air.

Tha an soitheach air an t-slighe a Chanada agus bidh Niall Iain air bòrd chun an 19mh latha dhen Òg Mhìos.

Bha e an dòchas £100,000 a thogail dhan bhuidheann chathrannais SAMH, a tha a' cuideachadh dhaoine le tinneas inntinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo