"Chan eil sinn ullamh" - PJ Mac an Tòisich

Iain Robinson
Image caption Gàirdeachas a' Bhaile Ùir às dèidh an tadhail aig Iain Robinson.

Thuirt manaidsear Bhaile Ùir an t-Slèibh nach eil iad idir ullamh às dèidh dhaibh Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh.

Rinn am Baile Ùr an gnothach air Ceann Loch Seile 2-1 aig Pàirc a' Bhucht.

Bha sin a dh'aindeoin is gun robh Iain MacRath air Seile a chur air thoiseach às dèidh leth uair.

Fhuair am Baile Ùr tadhal air ais dìreach ro leathach slighe, oidhirp bho Evan Menzies a' tighinn far chaman Fhionnlaigh MhicRath air a shlighe dhan lìon.

'S e Iain Robinson òg an gaisgeach dhan Bhaile Ùr san dàrna leth le tadhal a chruthaich e is a chuir e fhèin a' buannachadh na duais dhaibh.

Eachdraidh

Cupa eile dhan Bhaile Ùr - an 42mh turas uile gu leìr a tha iad air Cupa MhicThàmhais a thogail - is an treas turas ann an sreath.

Is bha teachdaireachd aig PJ Mac an Tòisich dha saoghal na h-iomain às dèidh làimhe.

"'S dòcha gun robh daoine a' smaointinn gun robh Ceann Loch Seile a' dol a bhuannachadh ach cha do ghèill sinn idir.

"Tha iad ag ràdh gu bheil Ceann Loch Seile a' tighinn air adhart is gu bheil Baile Ùr an t-Slèibh ullamh. Cha bhi na balaich a tha seo ullamh a chaoidh", thuirt e.

Bidh sùilean gu leòr a-nise air a' gheama eadar na sgiobaidhean seo ann an Cupa na Camanachd an ath-mhìos.

Tha cuairt dheireannach ann aig deas ron sin ge-tà is Caol Bhòid is Camanachd an Òbain gu bhith a' coinneachadh sa Chupa Cheilteach air an 30mh là den mhìos seo.

Iomain nam ban

Tha fios a-nise cò bhios anns na cuairtean deireannach mòra ann an camanachd nam ban.

Chaidh na Sgitheanaich air adhart dhan chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil is GMA air tarraing a-mach às an fharpais.

Tha sin a' fàgail gu bheil boireannaich an eilein sa chuairt dheireannaich gun gheama a chluich san fharpais fhathast.

Bidh iad an aghaidh Bhàideanach is Srath Spè, is iadsan air a' chùis a dhèanamh air Loch Abar 2-0 às dèidh ùine a bharrachd.

Sa Chùpa Dhùbhlan rinn Inbhir Nis a' chùis 9-1 air dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich, is 's e 4-3 a bh' ann do Ghleann Urchadain an aghaidh Lòbhait.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile