Moladh mòr air e-Sgoil

Esgoil Image copyright Esgoil

Tha dùil gun tig an tuilleadh leudachaidh air obair e-Sgoil nan Eilean Siar an dèidh mar a chaidh moladh a dhèanamh oirre ann an aithisg bhliadhnail a nochd aig deireadh na seachdaine.

Chaidh an sgoil a stèidheachadh mar dhòigh air coinneachadh ri dìth thidsearan Gàidhlig, ach tha iomadach cuspair ga theagasg innte a-nis.

Thèid aithisg na sgoile a sgaoileadh a-nis chun a h-uile sgoil ann an Alba.

Farsaingeachd

Thuirt ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein, gun gabh a' mhòr-chuid de chuspairean a theagasg anns an dòigh seo.

"Gabhaidh a' mhòr-chuid de na cùrsaichean mar bhanas-taighe, Home Economics, aig àrd-ìre an-diugh, gabhaidh sin teagasg oir tòrr dheth, 's e theory a th' ann agus le taic cheart anns an sgoil a tha a' cur feum air an leithid chan eil adhbhar sam bith carson nach urrainn an cùrsa sin a lìbhrigeadh cuideachd".

Thuirt e gur e siostam a th' ann a leigeas le sgoiltean ann an diofar àiteachan taic a thoirt dha chèile.

"Tha sinn air tòiseachadh a' teagasg chuspairean mar eachdraidh gu Sgoil Shanndabhaig ann an Sealtainn mar-thà, ma bhios càil a dhìth oirnne agus chan eil rian againn neach-teagaisg fhaighinn a chur air beulaibh chlas ann an cuspair sam bith eile dh'fhaodadh iad-san an teagasg sin a dhèanamh dhuinne mar quid pro quo."

"'S e a bhith a' toirt taic dha chèile am prìomh adhbhar a th' againn ann an seo".

Tuilleadh air an sgeulachd seo