Droch ionnsaigh anns a' Mhanachainn

Tha na Poilis a' rannsachadh droch ionnsaigh air fireannach, aois 69, anns a' Mhanachainn.

Chaidh ionnsaigh a thoirt air an duine le fireannach eile eadar 20 agus 30 bliadhna de dh'aois, eadar 9:00f agus 9:30f Dihaoine, 15mh den Òg-mhìos.

Thachair an ionnsaigh ann am Maple View.

Chaidh an duine a dhroch ghoirteachadh mu aodann 's na Poilis ag ràdh gur e ionnsaigh bhruideil a bh' ann.

Tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air an àireamh-fòn 101, neo fios a chur gu Crimestoppers.