Iomairt Achadh na Creige

Seann bhun-sgoil Achadh na Creige
Image caption Thèid feuchainn ri co-dhiu £100,000 a thogail le bhith a' reic earrannan.

Chuir Ionad Achadh na Creige anns an Òban iomairt air bhog air an deireadh-sheachdain gus earrannan a reic ri muinntir na coimhearsnachd.

Tha iad ag amas air £100,000 aig a' char as lugha a thogail leis an iomairt, a mhaireas sia seachdainean.

Tha iad an dòchas an togalach a chàradh agus a leasachadh mar ghoireas dhan choimhearsnachd.

'S i Rhona NicDhùghaill co-òrdanaiche ealain an ionaid.

"Tha sinn a' feuchainn ris an t-seann togalach fhosgladh ann an dà neo trì bhliadhnaichean agus tha beagan obrach a dhìth air an-dràsta so tha sinn airson 's gum bi àiteachan ann do luchd-ealain, 'son cuirmean-ciùil a chur air dòigh, 'son buidhnean a bhith stèidhichte an sin le oifisean 's mar sin air adhart ... chan eil mòran àiteachan anns an Òban far a bheil na rudan sin a' tachairt".

Tha na bothain ann an raon-cluiche na seann sgoile gan cur gu feum leotha mar-thà.

"Bidh sinn a' cleachdadh an dà sheòmar sin airson a h-uile rud a tha sinn a' cur air dòigh - cuirmean-ciùil neo bùithtean-obrach ealain 's oidhcheannan seinn, 's cuideachd bidh daoine eile a' tighinn a-steach agus a' cleachdadh nan seòmraichean, mar eisimpleir clasaichean yoga, Tai Chi, tha food assembly againn an seo far a bheil daoine a' reic bìdh, 's tha tòrr diofar rudan a' tachairt anns an dà bhothan an-dràsta 's tha sin feumach air barrachd rùim".