An Rubha 'son fuireach aig a' mhullach

Ball

Tha cothrom aig an Rubha an suidheachadh aca aig mullach Lìge Leòdhais a neartachadh oidhche Luain.

Nì na Deargaich an t-slighe ghoirid a Steòrnabhagh a chluich Aths aig Cnoc nan Gobhar.

Tha an Rubha air na 4 geamaichean lìge mu dheireadh aca a bhuannachadh, ged a bha briseadh-dùil aca an aghaidh a' Bhac ann an Cupa a' Cho-Op Dihaoine.

Bidh an Rubha airson sin a chur air an cùlaibh an aghaidh Aths.

Sa gheama eile oidhche Luain, bidh na Lochan ag amas air cuideam a chumail air an Rubha is iad a' cur fàilte air United aig a' Chreagan Dubh.

'S e United an aona sgioba san lìog nach do bhuannaich geama fhathast is bidh na Lochan misneachail gum faigh iadsan na puingean.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Luain, bidh Èirisgeidh aig an taigh an aghaidh Uibhist a Tuath.

Tha na trì geamaichean Diluain a' tòiseachadh aig 7f.

Taghadh

Aig an aon àm, tha Cupa a' Cho-Op a-nise air an iar-chuairt dheireannaich a ruighinn às dèidh gheamaichean na deireadh-sheachdain.

Bha là air leth aig Barraigh is iad air pronnadh 6-0 a thoirt air Càrlabhagh.

San dà gheama eile Disathairne 's e 4-0 a bh' ann dhan Taobh Siar an aghaidh United is 1-0 dha na Lochan an aghaidh Nis.

Bha am Bac air a' chùis a dhèanamh air an Rubha air breaban-peanais oidhche Haoine.

Bidh Barraigh a-nise an aghaidh an Taobh Siar agus na Lochan an aghaidh a' Bhac.

Bidh an geama eadar Barraigh is an Taobh Siar ann Disathairne an 7mh den Iuchar, is bidh an geama eadar na sgiobaidhean Leòdhasach ann air an là sin air neo Dihaoine an 6mh den Iuchar.

Sa gheama mhòr ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse air an deireadh-sheachdain, chrìochnaich Slèite is an Srath is Juniors Phort Rìgh co-ionnan 2-2.