Spòrs na h-òigridh an Leòdhas

Kirsty is Kerry Nic a' Phì
Image caption Bidh òigridh nan Eilean Siar a' coimhead ri soirbheachas nam peathraichean Nic a' Phì anns na Geamaichean Eileanach.

'S iomadh cuimhne shònraichte a th' aig luchd-spòrs nan Eilean bho na Geamaichean Eileanach.

An t-seachdain seo, gheibh clann nan eilean cothrom na cuimhnichean spòrs aca a chruthachadh aig Geamaichean Òigridh WIIGA.

Bidh clann bho S3 is S4 ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Sgoil Sir E Scott, Sgoil Lionacleit, is Sgoil MhicNeacail uile a' farpais.

Thèid gnothaichean a chur gu dol le cuirm fhosglaidh Dimàirt an 19mh den Ògmhìos.

Bidh caismeachd ann an toiseach, is uairsin cruinneachadh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh.

Às dèidh sin, bidh farsaingeachd de spòrs ann Diciadain is Diardaoin.

Tòisichidh an gnothach le badminton is bidh cuideachd lùth-chleasachd, ball-basgaid is ball-coise ann, mus bi cuirm dùnaidh ann Diardaoin.

Rionnag

Gheibh an òigridh cothrom cuideachd ionnsachadh bho sgiobair sgioba rugbaidh 7's na h-Alba aig bùth-obrach spòrs.

Bidh an seisean sin le Scott Riddel ann feasgar Diciadain.

Thathas an dòchas gum brosnaich na bhios a' dol òigridh nan Eilean, agus gur dòcha gun tèid feadhainn dhiubh air adhart gus na h-Eileanan an Iar a riochdachadh anns na bliadhnaichean ri tighinn.

"'S e Bliadhna na h-Òigridh a th' ann is tha sinn an dòchas rudeigin a dhèanamh den sin agus timcheall nan Geamaichean Eileanach", thuirt Karen Pickard bho Ionad Spòrs Leòdhais, fear de na h-àiteachan far am bi farpaisean ann.

"Aon là, b' urrainn dhaibh a dhol gu Geamaichean Eileannach thall-thairis, fiù 's an ath-bhliadhna gu Gibraltar.

"Tha tòrr òigridh le tàlant anns na h-Eileanan is tha sinn an dòchas sin fhaicinn", thuirt i.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Gheamaichean Òigridh WIIGA an seo.

Bidh cothrom aig a' mhòr-shluagh a dhol a choimhead nan spòrsan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile