Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Bidh deasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar air cumhachdan tiomnaichte an dèidh dhan SNP gearain mun ùine a fhuair deasbad mu bhuaidh Bhrexit air fèin-riaghladh ro bhòt an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, nach bi molaidhean ùra sam bith aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson fuasgladh air an eas-aonta mu Bhile Bhrexit eadar Holyrood agus Westminster.

An NHS

Tha Rùnaire Slàinte na h-Alba, Shona Robison, a' cur teagamh ann am beachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur e buaidh Bhrexit a bheir tuilleadh airgid dhan NHS. Dh'ainmich Theresa May £20bn eile dhan NHS ann an Sasainn ro 2023, agus le Formula Barnett, gheibh Alba £2bn. Chuir Shona Robison fàilte air an airgead ach thuirt i nach eil e ceart a bhith ag ràdh gur ann le fàgail an Aonaidh Eòrpaich a thig sin gu buil. Dh'aidich Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte Jeremy Hunt an-diugh nach bi an t-airgead a thig le sàbhaladh tro Bhrexit faisg air an t-suim a dh'fheumas iad a thoirt dhan NHS.

Virgin Money

Tha e coltach gun tèid còrr is 1,500 cosnadh a chall gus CYBG - buidheann dham buin Banca Dhail Chluaidh agus Banca Yorkshire - a' ceannach Virgin Money air £1.7bn. Thuirt CYBG gun cuir an t-aonta sin dreach ùr air gnìomhachas banca na Rìoghachd Aonaichte. 'S e an siathamh banca as motha a bhios ann am Breatainn, le sia millean de luchd-cleachdaidh, agus bidh na prìomh oifisean ann an Glaschu.

Sgoil Ealain Ghlaschu

Tha eòlaichean den bheachd gun cosg e cho mòr ri £100m Sgoil Ealain Ghlaschu a thogail às ùr. Chaidh togalach ainmeil Mhic an Tòisich a mhilleadh gu dona, ionad consairt an O2 ABC, agus cluba-oidhche Campus, le tèine a thòisich oidhche Haoine. Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh gu bheil iad gu math cinnteach gum faigh iad a-mach, leis an rannsachadh a tha a' dol air adhart, ciamar a thòisich an teine.

Ceann Phàdraig

Dh'fhosgail margaidh èisg ùr Cheann Phàdraig anns a' mhadainn an-diugh. Tha an goireas ùr a chosg mu £50m, comasach air dèiligeadh ri 10,000 bogsa de dh'iasg a h-uile là.