Aonghas MacAonghais air teine Sgoil Ealain Ghlaschu
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"'S e briseadh cridhe a th' ann"

18 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha luchd-sgrùdaidh a' gealltainn gum faigh iad a-mach dè dìreach a dh'adhbhraich teine a rinn sgrios air Sgoil Ealain Ghlaschu.

Tha smàladairean fhathast aig an làraich is an teine, a thòisich Dihaoine, air milleadh mòr a dhèanamh.

Tha cuid de dh'eòlaichean air rabhadh a thoirt gum bi feum air na tha air fhàgail den togalach a leagail, is beachd ann gun cosgadh e còrr is £100m a thogail às ùr.

Bhathas a' dèanamh deiseil airson an togalach fhosgladh a-rithist às dèidh teine eile a bhuail air ann an 2014.

Tha Aonghas MacAonghais à Uibhist a Tuath na stiùriche air companaidh a rinn an togalach sàbhailte an turas a bha sin.