SMO
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Co-labhairt Ulidia Finn

18 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig co-labhairt Ulidia Finn aig Sabhal Mòr Ostaig gu ceann aig deireadh na seachdaine.

Bha a' cho-labhairt a' coimhead air seann ghaisgich Ghàidhealach às Alba agus Èirinn.

Mar phàirt dhen a sin bha turas a-mach gu Dùn Sgàthaich ann an Slèite, far an d'fhuair - a rèir beul aithris - Cù Chulainn fhèin trèanadh.

Bha deasbad a' dol air làraichean leithid seo gus sgeulachdan na Fèinne fhèin a thoirt air ais gu aire a' mhòr-shluaigh.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.