Oighreachd a' Chrùin aig Holyrood

Pàrlamaid na h-Alba

Thèid Bile Oighreachd a' Chrùin a dheasbad am Pàrlamaid na h-Alba 'son a' chiad turas Dimàirt.

Chaidh cumhachdan Oighreachd a' Chrùin gluasad bho Lunnainn a dh'Alba ann an 2017.

Chuireadh am bile seo a' bhuidheann Oighreachd a' Chrùin Alba air stèidh chinnteach.

Dhèanadh ùghdarrasan ionadail is buidhnean coimhearsnachd tagradh dhan bhuidhinn gus pìosan den oighreachd a ghabhail os làimh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha air a bhith ag iomairt fad bhliadhnaichean gus cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a chur sìos gu ìre nan comhairlean.

Smachd

Chan eil iad den bheachd gu bheil Bile Oighreachd a' Chrùin a' dol fada gu leòr.

Ged a bheireadh am bile cothrom dhaibh air gnothaichean mar thuathanasan èisg is acarsaidean, tha a' Chomhairle airson 's gun tèid smachd a thoirt dhaibh air leasachadh air cumhachd ath-nuadhachail aig muir a-mach gu dusan mìle.

Tha iad cuideachd airson is gum faigheadh iad am màl gu lèir bho a bhith a' ruith na bhuineas do dh'Oighreachd a' Chrùin, seach dìreach 9% mar tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Aig an dearbh àm, tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba ag ràdh nach eil Bile Oighreachd a' Chrùin idir cho radaigeach 's a bu chòir.

Tha iad ag ràdh gun glèidheadh am bile "gnothach fiùdalach".

Thuirt tè-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad air a h-uile moladh a bhios ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile