Dòchas do thaighean-beaga na Dòrnaidh

Caisteal Eilean Donnain
Image caption Tha na taighean-beaga faisg air Caisteal Eilean Donnain.

Tha dòchas ann a-niste gun tèid taighean-beaga poblach anns an Dòrnaidh a chumail fosgailte.

Tha na goireasan faisg air Caisteal Eilean Donnain air a bhith ann an cunnart dùnadh às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd a ràdh gun robh iad a' dol a tharraing maoineachadh bho Chomann Talla Coimhearsnachd Sgìre Dhòrnaidh airson an ruith.

Chuir còrr air 4,500 duine ainm ri ath-chuinge airson an cumail fosgailte.

Tha còmhraidhean a-nis a' leantainn eadar a' Chomhairle agus an Comann ann an oidhirp aonta a ruighinn.

Thuirt Ball an Eilein Sgitheanaich, Bhàideanach agus Loch Abar am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhorbeis, gu bheil a' Chomhairle dòchasach gun tig an dà thaobh gu aonta airson na goireasan a chumail fosgailte.

Misneachail

Thuirt i gu bheil na taighean beaga cudromach airson iomadach adhbhar.

"Tha na taighean beaga aig Talla na Dòrnaidh gu math trang, le luchd-turais agus muinntir an àite tric gan cleachdadh.

"Tha aon dhe na caistealan as cudromaiche, Caisteal Eilean Donnain, faisg air làimh agus tha na taighean beaga cudromach leis gu bheil busaichean a' stad an sin agus cuideachd slighe ann do chiorramaich.

"Sgrìobh mi gu Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad na taighean-beaga a chumail fosgailte.

"Tha iadsan air sgrìobhadh air ais thugam a ràdh gu bheil iad làn mhisneachd agus gu math dòchasach gu bheil na taighean-beaga gu bhith fosgailte", thuirt i.