Claidheamh mòr air a ghoid an Canaigh

Claidheamh mòr Image copyright Poileas Alba

Rinn na poilis tagradh airson fiosrachaidh às deidh mar a chaidh claidheamh mòr eachdraidheil a ghoid bho thaigh-tasgaidh ann an Eilean Chanaigh.

Thathas den bheachd gun deach an claidheamh aig Taigh Chanaigh a ghoid uaireigin eadar Diciadain an 6mh den Ògmhìos agus Disathairne an 9mh den Ògmhìos.

Tha an claidheamh bhon 17mh linn seachd troigh a dh'fhaid, dà fhaobharach le làmh fiodha agus stampa fleur de lys air.

"Tha tachartasan mar seo gu math neo-àbhaisteach anns na h-Eileanan Beaga agus 's urrainn dhomh innse do dhaoine gu bheil sinn ag obair gus dearbhadh dè thachair dhan chlaidheamh", thuirt an Connstabal Neil Davies.

"Bu thoil leinn bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil fiosrachadh agus a b'urrainn ar cuideachadh.

"Chan eil coltas ann gun deach bristeadh a-steach dhan taigh-tasgaidh, a' ciallachadh gum faodadh fiosrachadh a bhith aig duine sam bith a bha ann an Taigh Chanaigh thar an àm sin, a dh'fhaodadh taic a thoirt dhuinn," thuirt e.