Oidhche nan tadhal

Ball

Bha na tadhail a' frasadh a-steach anns na h-Eileanan an Iar oidhche Luain.

Tha an Rubha fhathast aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh às dèidh dhaibh pronnadh 6-1 a thoirt air Athletic Steòrnabhaigh.

Bha an Rubha 2-0 air thoiseach aig leathach slighe, is ged a fhuair Aths tadhal air ais tràth san dàrna leth, thàinig fear eile gu sgiobalta dha na Deargaich is oidhche chofhurtail aca air a' cheann thall.

Thàinig tadhail an Rubha bho Stiùbhart Rothach, Anndra Moireasdan, Aonghas Dòmhnallach (2), Rob Jones is Cammy MacNeacail, le Anas Idris a' freagairt airson Aths.

Mullach

Tha an Rubha a-nise leathach tro na geamaichean aca is 18 puingean aca.

Leum na Lochan suas dhan dàrna àite oidhche Luain nuair a rinn iad a' chùis air United Steòrnabhaigh 4-0.

Bha an geama sin co-ionnan aig leathach ùine ach ghabh sgioba nan Loch grèim air sa dàrna leth, na tadhail a' tighinn bho Lewis MacCoinnich, Jim O'Donnell, Dàibhidh MacMhaolain is David Skene.

'S e clach-mhìle a bh' ann do O'Donnell is e a-nise air 100 tadhal a chur dha na Lochan.

Bha geama iongantach aig Cnoc na Monadh ann an Èirisgeidh.

Chaidh Uibhist a Tuath 2-0 air thoiseach tràth le dà thadhal bho Scott MacAoidh mus deach a' chùis bun os cionn is Èirisgeidh a' cur 8 gun fhreagairt.

Pronnadh

Thàinig tadhail Èirisgeidh bho Dom MacAmhlaidh (3), Calum Caimbeul (2), Mìchael Iain MacAonghais, Iain MacÌosaig is Tòmas Steele.

Tha Èirisgeidh a-nise air trì a bhuannachadh ann an sreath.

Diciadan ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse bidh Juniors Phort Rìgh an aghaidh a' Chaoil.

Ann an Lìog Leòdhais Diciadain bidh am Bac an aghaidh an Taobh Siar is Nis an aghaidh Chàrlabhaigh.