'Thigibh chun nan sràidean'

Inbhir Nis Image copyright Malc McDonald / Geograph

Chaidh buidheann iomairt a stèidheachadh feuch daoine a bhrosnachadh a dhol a-mach air sràidean Inbhir Nis air an là as fhaide den bhliadhna.

Tha 'Own Your Street Inverness' airson is gun tig co-dhiù 10% de shluagh Inbhir Nis a-mach gus na sràidean aca a chleachdadh fad co-dhìu 20 mionaid Diardaoin.

Dhèanadh iad sin le a bhith a' coiseachd no a dhol air leithid baidhseagal no sgùtair, tha a' bhuidheann ag ràdh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson is gum faic daoine gun gabh sràidean, cabhsairean, pàircean is eile a chur gu feum leis a' choimhearsnachd is ann an dòigh shàbhailte.

Thuirt iad gu bheil cothrom aig daoine an seo sealltainn dè dìreach seòrsa modal a tha iad ag iarraidh airson Inbhir Nis san àm ri teachd.

Taic

Fhuair a' bhuidheann taic bhon BhPA Uaineach Gàidhealach, Iain Finnie.

"'S e iomairt a tha seo a tha air tighinn bhon choimhearsnachd airson na coimhearsnachd", thuirt Mgr Finnie.

"Tha mi an dòchas gur e a' chiad cheum a th' ann ann a bhith a' toirt barrachd de na sràidean againn air ais bho chàraichean a-mhain. Dh'fhaodadh buannachdan mòra a bhith ann dha slàinte an t-sluaigh.

"Ann an Dùn Èideann faodaidh daoine iarraidh gun tèid na sràidean aca a dhùnadh do chàraichean air làithean sònraichte gus am bi cothrom aig clann cluich.

"Bhiodh e fìor mhath nan tigeadh rudeigin mar sin às seo dha Inbhir Nis is dhan Ghàidhealtachd air fad", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile