"An cothrom mu dheireadh a' Chùil a ghlèidheadh"

A' Chùil Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland

Dh'iarr Urras Fiadh-bheatha na h-Alba air comhairlichean na Gàidhealtachd iarrtas-dealbhachaidh 'son raon-goilf an Cataibh a dhiùltadh.

Thuirt iad gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs ma thèid cead a thoirt seachad.

Tha na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser airson raon aig àrd-ìre a thogail aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Chuir comhairlichean co-dhùnadh air a' chùis dheth nas tràithe air a' mhìos, ged a bha oifigich a' moladh a dhiùltadh.

Tha an gnothach air ais aig a' Chomhairle Diciadain is oifigich a-rithist ag ràdh gun toireadh an leasachadh fìor dhroch bhuaidh air àrainneachd na sgìre.

Tha dìon shònraichte air an sgìre timcheall Loch Fleòid.

Rabhadh

Tha Urras Fiadh-bheatha na h-Alba ag ràdh a-nise gur e seo "an cothrom mu dheireadh a' Chùil a ghlèidheadh".

"'S e fìor ghlè bheag de dh'àiteachan san t-saoghal a tha air an dìon gu h-oifigeil mar a tha a' Chùil", thuirt Àrd-Stiùiriche an Urrais, Jonny Hughes.

"Tha e gu sònraichte cudromach a thaobh nan dùintean-gainmhich mhachrach a th' ann, àrainneachd a tha ann an cunnart gu h-eadar-nàiseanta.

"'Seo fear de na co-dhùnaidhean dealbhachaidh as cudromaiche ann an Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Mar sin, tha iomagain oirnn mu cho beag tuigse 's a sheall comhairlichean mu àrainneachd an àite is na beathaichean a tha a' fuireach ann", thuirt e.

Dh'innis Mgr Hughes gu bheil e an dòchas gun tèid comhairlichean le moladh nan oifigeach.

Thuirt e ge-tà, ma thèid cead a thoirt seachad, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba an gnothach a ghairm a-steach cho luath 's a ghabhas.

Bidh coinneamh shònraichte de Chomataidh Dealbhachaidh a Chinn a Tuath ann Diciadain gus meòrachadh air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile