Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cainb

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach bi gluasad sam bith ann gu cainb a dhèanamh laghail, no ath-sgrùdadh air mar dhroga aig Ìre B. Thuirt Oifis na Dùthcha an-diugh ge-tà, gum faodadh ath-sgrùdadh a bhith ann air an lagh atharrachadh gus am bi e laghail cainb a chleachdadh ann an cunngaidhean leighis. Na bu tràithe, thuirt am Morair Hague, a bha na cheannard air na Tòraidhean, 's e a' sgrìobhadh anns an Daily Telegraph, nach eil an lagh a th' ann ag obair, 's gu bheil dearbhadh ann air sin le cùis a' ghille bhig Billy Caldwell, air a bheil an tinneas tuiteamach agus a chaidh ann an laigse an dèidh dha na h-ùghdarrasan aig Port-Adhair Heathrow casg a chur air ola chainb a bha e a' cleachdadh mar chunngaidh leighis.

Brexit agus Alba

Canaidh Ministear Bhrexit Riaghaltas na h-Alba an-diugh gu bheil an àimhreit mu chumhachdan tiomnaichte an dèidh Bhrexit a' dèanamh dìmeas air Alba. Innsidh Mìcheal Russell do bhuill ann an Holyrood gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd aonaichte ag atharrachadh riaghailtean fèin-riaghlaidh, agus a' goid chumhachdan. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dol às àicheadh sin.

Sìona

Tha an Ceann-Suidhe Trump a' maoidheadh tuilleadh chìsean taraif air stuth Sìonach, agus cogadh malairt a' sìor fhàs eadar na Stàitean Aonaichte agus Sìona. Thuirt an Riaghaltas ann am Beijing gu bheil an Ceann-Suidhe Trump a' dèanamh màl dubh orra, agus nach gabh iad ri sin.

Oighreachd a' Chrùin

Bu chòir, a rèir Chomhairle nan Eilean Siar, smachd a thoirt dhaibh-san air leasachadh chumhachd ath-nuadhachail a-mach gu 12 mìle aig muir. Tha a' Chomhairle ag ràdh gun tachradh sin le atharrachadh ann am Bile Oighreachd a' Chrùin an Alba, agus iad ag iarraidh a' mhàil gu lèir bho bhith a' ruith na bhuineas do dh'Oighreachd a' Chrùin, seach an 9% a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh. Bidh deasbad aig Holyrood feasgar air Bile Oighreachd a' Chrùin.

Debenhams

Chuir a' chompanaidh bhùthainnean Debenhams rabhadh a-mach mu phrothaidean ro chìsean am-bliadhna. Tha Debenhams den bheachd gur e prothaid eadar £35m agus £40m a bhios ann, agus tha sin £10m nas lugha na bha dùil.