Co-chomhairle air àiteachas Bhrexit

  • Air fhoillseachadh
Crodh

Thèid iarraidh air tuathanaich agus croitearan na h-Alba cuideachadh le a bhith a' dealbhachadh cumadh a' ghnìomhachais airson nam bliadhnaichean às dèidh Bhrexit.

Innisidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, do Bhuill-Phàrlamaid Holyrood Diciadain gu bheil co-chomhairle ga cur air bhog a mhaireas ochd seachdainean.

Cha mhòr dà bhliadhna bhon bhòt airson an EU fhàgail tha mòran ann fhathast nach eil soilleir.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba (NFU) ag ràdh gu bheil na buill aca ag iarraidh cinnt.

Aig an ìre seo 's e an rud as coltaiche gum bi dà bhliadhna de dh'ùine eadar-amail ann far am faigh luchd-àiteachais an aon sheòrsa shubsadaidhean 's a tha iad a' faighinn an-dràsta.

Bheir sin cothrom siostam ùr a dhealbhachadh a thèid a chur an sàs ro 2024.