Clàr poblach ceannas fearainn "air tòiseachadh"

  • Air fhoillseachadh
FearannTùs an deilbh, Red Salmon/Geograph

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse gu bheil iad a' tòiseachadh air clàr poblach a chruthachadh de na daoine a tha a' stiùireadh mar a tha fearann na dùthcha ga chleachdadh.

Dh'fhoillsich ministearan molaidhean a nochdas, ma thèid an aontachadh, cò iad na daoine aig a bheil smachd air urrasan agus companaidhean thall thairis leis a bheil fearann ann an Alba.

'S ann le Clàran na h-Alba a thèid an clàr a chumail, agus gheibh am poball cothrom air an fhiosrachadh a bhios na bhroinn, an asgaidh.

Tha seo a' leantainn mar a tha càineadh ga dhèanamh air cho doirbh 's a tha e lorg fhaighinn air na daoine leis a bheil cuid de dh'oighreachdan air Ghàidhealtachd.

'S ann thall thairis a tha mòran de na companaidhean tro bheil, gu laghail, fearann an sealbh ann an Alba stèidhichte.