Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile Bhrexit

Tha feadhainn de na buill Tòraidheach ag ràdh gum bhòt iad an aghaidh Bile Bhrexit mura gèill an Riaghaltas air pàirtean dheth. Tha am bile a' tilleadh gu Taigh nan Cumantan an-diugh an dèidh dha na Morairean feuchainn ri atharrachadh gus am bi barrachd smachd aig a' Phàrlamaid air na thachras ma 's e agus nach bi aonta ann leis an Aonadh Eòrpach air a' cheann thall.

Agus thuirt Prìomh Cho-Òrdanaiche Bhrexit na Pàrlamaid Eòrpaich an-diugh, gu bheil iad deònach èisteachd ri molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson an Rìoghachd Aonaichte a chumail anns a' Mhargaidh Shingilte agus ann an aonadh cuspainn.

Còirichean Daonna

Tha càineadh ann air an dòigh anns an do tharraing na Stàitean Aonaichte a-mach à Comhairle Chòirichean Daonna nan Dùthchannan Aonaichte. Tha Washington ag ràdh gu bheil a' bhuidheann taobhach, ach tha an EU ag ràdh gu bheil Aimeireaga a' dol an aghaidh a cliù mar dhùthaich a tha a' seasamh airson deamocrasaidh.

Aig an aon àm tha Poblachdaich ann an Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte a' feuchainn ri lagh ùr aontachadh a chuireadh stad air poileasaidh a' Chinn-Suidhe Trump a tha a' sgaradh phàrantan agus cloinne a tha a' dèanamh in-imreachd mhì-laghail à Meagsago. Thuirt Mgr Trump gun cuir esan taic ri bile in-imreachd sam bith a thèid tron Chòmhdhail.

Eaconomaidh na h-Alba

Tha coltas fàs air eaconomaidh na h-Alba am-bliadhna, a rèir Institiùd Fraser of Allander a tha nas dòchasaiche mun eaconomaidh na tha tomhais oifigeil Riaghaltas na h-Alba. Tha an t-Institiùd den bheachd gun cuidich neartachadh ann an gnìomhachas a' ghas agus ola, ged a tha iad ag ràdh gu bheil mì-chinnt mu Bhrexit a' cur dragh air luchd-gnothaich.

Taic Àiteachais

Iarraidh Riaghaltas na h-Alba beachd air tuathanaich 's air croitearan mu dè seòrsa siostam taic a tha iad a' sùileachadh an dèidh Bhrexit. Innsidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, do bhuill ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh gum bi co-chomhairleachadh ann airson beachd a' ghnìomhachais fhaighinn mus cuir iad plana air dòigh.

Taighean-Beaga

Dh'atharraich Comhairle na Gàidhealtachd am beachd, gu ìre, air dùnadh thaighean-beaga air feadh na sgìre. Bha iad am beachd 29 de na taighean-beaga a dhùnadh, ach an dèidh cuideim bhon choimhearsnachdan sin, tha a' Chomhairle ag ràdh a-niste nach dèan iad dad gus am bi seusan turasachd an t-Samhraidh seo seachad.