Uisge gann ann an Leòdhas

Uisge

Tha Uisge na h-Alba ag iarraidh air luchd-cleachdaidh ann an Steòrabhagh agus ann an sgìrean faisg air làimh a bhith gu math faiceallach mun dòigh sa bheil iad a' cur uisge am feum.

Tha an aimsir thioram bho chionn ùine a' ciallachadh gu bheil Loch Mòr an Stairr a tha a' cumail an uisge ri Steornabhagh gu math ìosal.

Ri linn sin, bheir Uisge na h-Alba uisge a bharrachd à Loch Sgarabhat Mòr airson cur ris na tha ri fhaighinn.

Tha iad ag iarraidh air daoine ann an Steòrnabhagh, Newmarket, Bruach Màiri, an Rubha agus eadar Tunga agus taobh a-muigh Chuil an t-uisge a chùmhnadh.

Tha iad a' moladh, am measg rudan eile, gun cuir daoine an tap dheth nuair a tha iad a' glanadh nam fiaclan aca, gun a bhith cho fada fon fhras, agus a bhith a' cleachdadh peile uisge is spong, seach pìob hòs airson càraichean a ghlanadh.