Dearbhadh air taighean-beaga

Comhairle na Gàidhealtachd

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu h-oifigeil gum fuirich sreath de thaighean-beaga poblach san sgìre fosgailte tro sheusan na turasachd.

Bha a' Chomhairle air cur rompha roimhe 29 taighean-beaga a dhùnadh.

Tha iad ag ràdh gun dèanadh seo sàbhaladh cha mhòr £300,000 sa bhliadhna dhaibh.

Ach chaidh an ceòl air feadh na fìdhle is coimhearsnachdan ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air na taighean-beaga, gu h-àraidh leis a' Ghàidhealtachd a' fàs cho trang ann an seusan na turasachd.

Dh'innis a' Chomhairle an t-seachdain seo chaidh gun tèid ath-sgrùdadh air suidheachadh nan taighean-beaga poblach san sgìre a leudachadh dhan Damhair.

Ath-leasachadh

Tha an t-ath-sgrùdadh sin a' coimhead air mar a b' urrainn na taighean-beaga a bhith air an ruith aig ìre na coimhearsnachd.

Tha a' Chomhairle a-nise air dearbhadh gum fuirich na taighean-beaga a bha iad am beachd a dhùnadh fosgailte gus am bi an t-ath-sgrùdadh dèante.

"Cha gabh modal ùr a chur an sàs san aithghearrachd", thuirt cathraiche Comataidh a' Bhun-Structair, Ailean MacEanraig.

"Bidh feum air ùine 'son coimhead ris na beachdan a tha a' tighinn a-steach, ach tro cho-obrachadh ri coimhearsnachdan, tha sinn an dòchas gun gabh siostam seasmhach fhaighinn airson taighean-beaga na Gàidhealtachd san àm ri teachd", thuirt e.

Dh'innis an Comh. MacEanraig cuideachd gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' beachdachadh air sgeama iasaid a stèidheachadh gus coimhearsnachdan a chuideachadh sealbh a ghabhail air taighean-beaga poblach anns na sgìrean aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile