CalMac feumach air barrachd airgid

  • Air fhoillseachadh
Aiseag

Thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite nach tig atharrachadh air seirbheis ChalMac gun an tuilleadh airgid.

Bha Ruairidh Moireach a' bruidhinn às dèidh mar a chaidh Robbie Drummond a dhearbhadh mar àrd-stiùiriche làn-ùine ChalMac.

Bha Mgr Drummond air a bhith san obair sin gu h-eadar-amail bhon Ghearran.

Thuirt cathraiche na companaidh Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn, a tha os cionn ChalMac, gun robh Mgr Drummond air na comasan aige a dhearbhadh tro na h-amannan dùbhlanach a tha air bualadh air CalMac anns na mìosan mu dheireadh.

A' nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba air a' mhìos seo chaidh, dh'aidich Mgr Drummond gun robh an troimhe-chèile air seirbheisean ChalMac timcheall air àm na Caisge na bu mhiosa na dad a bh' aig CalMac san ochd bliadhna mu dheireadh.

Ionmhas

Tha e ag ràdh a-nise gur e urram mòr a th' ann dha a bhith na àrd-stiùiriche làn-ùine air CalMac is gu bheil e a' dèanamh fiughair ri leasachaidhean a chur an sàs.

Ach tha Ruairidh Moireach a' cumail a-mach gu bheil suidheachadh ChalMac a' dol nas doimhne na dìreach àrd-stiùiriche.

"'S e naidheachd mhath a tha seo dhasan gu pearsanta bhon tha e a' dol a dh'fhaighinn àrdachadh na dhreuchd is àrdachadh na thuarastal, ach tha e air a bhith san obair bho thoiseach an Earraich is cha robh an t-seirbheis a-riamh cho dona", thuirt Mgr Moireach.

"Tha e ag aithneachadh an t-suidheachaidh, ach mura toir na ministearan is Còmhdail Alba an t-ionmhas 'son an suidheachadh a cheartachadh, chan eil sinn a' faicinn cionnas a nì e eadar-dhealaichte sam bith dhan t-seirbheis a th' againn", thuirt e.

Tha buidheann Dhàibhidh Mhic a' Bhriuthainn fhathast a' sireadh àrd-oifigeir ùir.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh