Sgeama Pìleat Oighreachd a' Chrùin fosgailte

  • Air fhoillseachadh
Cladach

Dh'fhosgail sgeama pìleat a tha a' toirt cothrom do bhuidhnean coimhearsnachd is ùghdarrasan ionadail smachd a ghabhail air pìosan de dh'Oighreachd a' Chrùin.

Tha seo mar phàirt den ath-leasachadh a tha gus tighinn air Oighreachd a' Chrùin ann an Alba.

Ghluais na cumhachdan bho Lunnainn gu Alba ann an 2017.

Tha deasbad a' leantainn air dè dìreach an cruth a bhios air cùisean bho seo a-mach, is Bile Oighreachd a' Chrùin air a dheasbad am Pàrlamaid na h-Alba 'son a' chiad uair an t-seachdain seo.

Tha an sgeama pìleat seo na pàirt den phròiseas.

Buannachd

Bidh aig buidhnean coimhearsnachd is ùghdarrasan ionadail, no co-obrachadh eadar na dhà, ri tagradh a dhèanamh do dh'Oighreachd a' Chrùin Alba le beachd ann air mar a b' urrainn dhaibh fearann, cladach, no grunnd na mara a ghabhail os làimh is a ruith, is dè na buannachdan a thigeadh às.

Ged a bhiodh cosgaisean ann dhaibh, is cothrom cuibhreann den phrothaid a chur air ais a-steach dhan sgeama fhèin, rachadh an còrr den airgead a thigeadh às dha Riaghaltas na h-Alba.

Tha am pròiseas tagraidh a-nise fosgailte is cothrom ann feuchainn air eadar seo is an 18mh den Lùnastal 2018.

Thathas a' tuigsinn gu bheil co-dhiù dà sgeama anns na h-Eileanan an Iar, fear aig Comhairle nan Eilean Siar nam measg, a tha deiseil airson feuchainn air an sgeama.

Tha a' Chomhairle am measg na tha a' feuchainn ri atharrachadh a thoirt air na molaidhean ann am Bile Oighreachd a' Chrùin.

Tha iad den bheachd nach eil e a' dol fada gu leòr is gum bu chòir barrachd de na cumhachdan a chur sìos dìreach gu ìre nan comhairlean is na coimhearsnachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh