Dow a' fuireach an Inbhir Pheofharain

  • Air fhoillseachadh
Ryan DowTùs an deilbh, SNS

Dh'innis Ross County gu bheil Ryan Dow air tighinn gu aonta gus fuireach leis a' chluba.

Thàinig Dow, 27, a dh'Inbhir Pheofharain an toiseach bho Dundee United ann an 2016.

Tha County air cùmhnantan ùra aontachadh le grunn chuicheadairean às dèidh dhaibh a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog.

Thuirt iad gu bheil iad air an dòigh gu bheil Dow a' fuireach.

Bidh a' chiad gheama aig County den t-seusan ùr aig an taigh an aghaidh Eilginn Disathairne an 14mh den Iuchar an Cupa na Lìge.