Ulbha fo smachd na coimhearsnachd

Ulbha Image copyright Geograph/Peter Moore

Gabhaidh muinntir Ulbha smachd air an fhearann aca gu foirmeil Diardaoin.

Chaidh aontachadh air a' mhios a chàidh gun ceannaicheadh a' choimhearsnachd an t-eilean.

Tha sianar a' fuireach ann an-dràsta, 's e air a bhith ann an làmhan an aon teaghlaich bho chionn 70 bliadhna.

Tha an iomairt choimhearsnachd ann an Ulbha am-measg an fheadhainn as motha sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Chuir Stòras an Fhearainn cha mhòr £4.5m ga ionnsaigh.

Thàinig a' choimhearsnachd gu aonta air a' mhios a chàidh leis an uachdaran, Jamie Howard, airson an t-eilean a cheannachd.

Leasachadh

Tha sianar an-dràsta a' fuireach ann 's tha Companaidh Coille Choimhearsnachd Iar Thuath Mhuile ag amas air àireamh sluaigh an èilein àrdachadh a thrì uimhir sna bliadhnaichean ri thighinn.

Tha iad ag ràdh gur e na toglaichean a th' ann an-dràsta a leasachadh agus tèarainteachd màil a thoirt dhan luchd-còmhnaidh na prìomh amasan a bhios aca anns a' chiad àite.

Ach, Diardaoin tha coltas gur ann a bhios aire dhaoine air a bhith a' comharrachadh a' phios talmhainn as ùra an Alba a tha ann an làmhan na coimhearsnachd fhèin.