Nis san dàrna àite

Nis FC

Ghluais Nis air ais suas dhan dàrna àite ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh nuair a rinn iad a' chùis air Càrlabhagh oidhche Chiadain.

Chaidh na Nisich air thoiseach, oidhirp Sheumais 'Titch' Mhoireasdain a' dol dhan lìon le beagan taic bho fhear de bhalaich Chàrlabhaigh, is 's e 1-0 a bh' ann aig leathach ùine.

Bha Càrlabhagh co-ionnan tràth san dàrna leth, Dòmhnall MacAoidh leis an tadhal bho bhreab-peanais.

Fhreagair Nis leis a' bhreab-peanais aca fhèin, Scott MacRuairidh leis, ach tharraing Eachainn Miller Càrlabhagh co-ionnan le beagan is cairteal na h-uaireach air fhàgail.

Bha coltas ann gur ann mar sin a chrìochnachadh e, ach le dìogan air fhàgail fhuair Seumas Moireasdan an tadhal a bhuannaich an geama dha Nis 3-2.

Tha sin a' cur nan Niseach air ais san dàrna àite, co-ionnan còmhla ris na Lochan, is trì puingean air cùl an Rubha.

Thuit an Taobh Siar air ais san lìog nuair a chaill iadsan 2-1 ris a' Bhac Diciadain.

Droinneadh

Chuir Stevie Mutch na Bacaich air thoiseach ach fhreagair Màrtainn Shields 'son an Taobh Siar le breab-peanais.

'S e Gordy MacÌomhair a bhuannaich an geama dhan Bhac le cairteal na h-uaireach air fhàgail.

Tha am Bac is an Taobh Siar a-nise còmhla air 12 phuing.

Bha geama iongantach ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Juniors Phort Rìgh a' buannachadh 17 - 2 an aghaidh a' Chaoil.

'S e Iain Murphy as motha a rinn sgrios air a' Chaol is 5 tadhail aige fhèin.

Tha Juniors Phort Rìgh a-nise dìreach aona phuing air cùl Shlèite aig mullach na lìge.

Tha an Caol bochd fhathast aig a' bhonn is iad gun phuing fhaighinn thuige seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo