Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha dùil ri fios bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun aonta dhan tàinig iad le buill Thòraidheach a bha a' maoidheadh gum biodh iad a' bhòtadh an aghaidh Bile Bhrexit. Tha an t-aonta dhan tàinig iad a' ciallachadh gun d' fhuair am bile tron Phàrlamaid, agus an dà chuid Taigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean a' cur taic ris. Cuiridh a' Bhàn-righ a h-ainm a-niste ris a' bhile airson a stèidheachadh anns an lagh.

Trump

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun cum e smachd cruaidh air in-imreachd, ged a chuir e às dhan phoileasaidh a bha a' sgaradh cloinne bho am pàrantan air crìch Mheagsago. Rinn am poileasaidh sin àimhreit mun dòigh san robh Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte a' dèiligeadh ri in-imrich mhì-laghail. Tha an lagh ùr a' cumail theaghlaichean còmhla fhad 's a tha cùis-lagha a' dol air adhart.

Mark Dòmhnallach

Thàinig Comataidh nan Inbhean aig Holyrood dhan cho-dhùnadh gun tèid am Ball-Pàrlamaid Mark MacDhòmhnaill a chasg, gun phàigheadh, airson mìos bhon Phàrlamaid. Leig esan dheth a dhreuchd mar mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba nuair a dh'aidich e gun do chuir e teachdaireachd mhì-choltach gu boireannach. Cho-dhùin coimiseanairean airson Modh is Beatha Phoblaich gun robh am Ball-Pàrlamaid ciontach fo chasaid gun robh e ri sàrachadh feiseil stèidhichte air a' chùis sin.

Dùn Bhreatainn an Ear

Tha a h-uile sgoil agus sgoil-àraich ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an ear dùinte an-diugh agus airson trì là eile aig toiseach stailce luchd-obrach comhairle. Tha trì aonaidhean a' gabhail pàirt anns an stailc, 's iad a' gearain air atharrachadh ann am pàigheadh agus cùmhnantan obrach. Chan eil tidsearan a' gabhail pàirt san stailc. Tha cladhan agus togail an sgudail am measg nan seirbheisean comhairle eile air a bheil an stailc a' toirt buaidh. Thuirt Còmhairle Dhùn Bhreatainn an Ear gun do rinn iadsan an dìcheall an stailc a sheachnadh.

Niall Iain Dòmhnallach

Tha an craoladair Niall Iain Dòmhnallach, air an deach cobhair a dhèanamh anns a' Chuan Shiar an t-seachdain seo chaidh, ag iarraidh taic bho Phrìomhaire Chanada. Thàinig stoirm air Niall Iain 's b' fheudar dha am bàta san robh e a' dèanamh an treas oidhirp air iomradh thar a' Chuain Shiar fhàgail, agus thug bàta bathair Duitseach gu ruige Montreal e. Ach chan eil bhìosa aige airson faighinn a-steach a Chanada, agus tha e a-niste air taic iarraidh air a' Phrìomhaire, Justin Trudeau.

Ulbha

Tha muinntir Ulbha, faisg air Muile, a' gabhail seilbh gu foirmeil air an eilean an-diugh. Chan eil fada sam bith bho cheannaich a' choimhearsnachd am fearann a bhuineadh dhan aon teaghlach fad 60 bliadhna. Tha dòchas ann gum fàs àireamh an t-sluaigh air an eilean, air nach eil a' fuireach ach sianar an-dràsta.