"Dùbhlan mòr" ro cholaistean UHI

Colaiste Cheann a Tuath na Gaidhealtachd Image copyright Geograph/JThomas

Tha "dùbhlan mòr" ro cholaistean Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) airson iad fhèin fhaighinn air bun-stèidh ionmhasail seasmhach, a rèir aithisg ùr bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba.

Tha an luchd-sgrùdaidh ag ràdh gu bheil suidheachadh ionmhais colaistean na h-Alba air a thighinn air adhart sa bhliadhna mu dheireadh ach gu bheil dùbhlain mhòra ann fhathast.

Thuirt iad gun robh Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhealtachd UHI am measg iad sin aig an robh duilgheadasan.

Bha easbhaidh de còrr is £500,000 aice ann an 2016-17 agus tha dùil gun èirich sin 64% gu £857,000 airson na bliadhn' ionmhais mu dheireadh.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil na stiùirichean dhen bheachd nach bi a' cholaiste seasmhach gun "atharrachaidhean susbainteach".

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gu bheil dùil aig Colaiste Caisteal Leòdhais ri easbhaidh sa bhuidseat sna còig bliadhnachan ri teachd.

Tha an aithisg a' togail air an obair a tha UHI a' dèanamh airson barrachd amalachaidh a bhrosnachadh eadar na colaistean aca airson an cur air bun-stèidh nas seasmhaiche.