Sgeama haidro mòr ga mholadh 'son Loch Nis

Sgeama Red John Image copyright ILI

Tha companaidh a tha air cùl phlanaichean airson sgeama pumpaidh haidro faisg air Loch Nis ag ràdh gun cumadh an sgeama aca cumhachd ris na mìltean dhachaighean.

Tha Intelligent Land Investments cuideachd ag ràdh gun deadh eadar 200-300 obair a chruthachadh fhad 's a tha an sgeama, deas air Durais, ga thogail.

Tha sgeamaichean mar seo a' tarraing chumachd nach eil air a chleachdadh bho thuathan-gaoithe.

San sgeama seo dheadh an cumhachd sin a chleachdadh airson uisge fhaighinn à Loch Nis agus a phumpadh suas gu loch ùr a thèid a chruthachadh gu h-àrd eadar Loch Dhùn Deilcheig, Loch Aisidh, Loch na Curra agus Lochan an Eòin Ruadha.

Dheadh an t-uisge sin an uairsin a chur tro thunailean airson cumhachd haidro a chruthachadh agus a stòradh gus an deadh feum a chur air.

Taisbeanadh

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gum b' urrainn dhan sgeama, air a bheil iad a' gabhail "Red John", 2.4GWh a stòradh dhan ghriod nàiseanta thar sia uairean de thìde.

Tha sin a' ciallachadh, tha iad ag ràdh, gun cumadh e cumhachd ri 400,000 dachaigh airson uair de thìde.

Innsidh Intelligent Land Investments, a tha stèidhichte ann an Hamaltan, barrachd mu na planaichean an ath-sheachdain.

Bidh taisbeanadh poblach ann an Talla Coimhearsnachd Dhurais Diciadain an 27mh dhen Ògmhios eadar 3:00f-8:00f agus Diardaoin an 28th den Ògmhios eadar 3:00f agus 9:00f.