Cìsean parcaidh aig a' Chàrn Ghorm

Raon-parcaidh an ionaid Image copyright Google

Tha cìsean parcaidh gan cur an sàs aig Ionad a' Chàirn Ghuirm faisg air an Aghaidh Mhòir.

Feumar a-nis £2 a phàigheadh airson càraichean airson là, £8 airson bhusaichean beaga agus bhanaichean-campachaidh, agus bidh tiocaid seusain ri fhaotainn airson £25.

Tha seo a' dol an àite siostaim far am biodh daoine a' pàigheadh gu saor-thoileach.

Thuirt luchd-stiùiridh nach robh iad a' faighinn mòran thabhartasan - 's e dìreach aon chàr a-mach às gach fichead a bha a' fàgail rud.

Tha trì raointean-parcaidh aig an ionad a tha air a chleachdadh le luchd-spòrs-sneachda agus le luchd-coiseachd a tha a' dèanamh air na beanntan.

Goireasan ùra

Thuirt Ionad Beinn a' Chàirn Ghruim Earranta gun robh mu 220,000 luchd-tadhail a' cleachdadh nan raointean-parcaidh gach bliadhna ach nach deach airgead gu leòr a thionnal bhon sgeama saor-thoileach airson an cumail aig ìre.

Thuirt a' chompanaidh gun deadh an t-airgead bho na cìsean a chosg air goireasan aig an làraich.

San ùine fhada tha iad an dùil taighean-beaga a bhios fosgailte 24 uairean de thìde san là a chur ann.

Thuirt a' chompanaidh gun robh iad air beachdan a shireadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Dualchas Nàdair na h-Alba, Ùghdarras Pàirce-nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean mu na cìsean.