Fios mu chosgaisean lìbhrigidh mì-chothromach

Parsailean Image copyright Getty Images

Chaidh ceum eile a ghabhail san oidhirp dèiligeadh ri còsgaisean lìbhrigidh pharsailean mì-chothromach ann an ceann a tuath na h-Alba.

Chaidh làrach-lìn fhoillseachadh a tha ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine fiosrachadh fhaighinn mu càite am bu chòir dhaibh a dhol airson gearain ann aghaidh nan cìsean.

Tha cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd gu àiteachan air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan air a bhith fon phrosbaig sna mìosan mu dheireadh an dèidh do Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster a' chùis a rannsachadh.

Tha sgrùdadh a' dèanamh dheth gu bheil daoine a tha a' fuireach sna h-eileanan a' pàigheadh, sa chomantas, 50% a bharrachd airson stuth a cheannach iad air-loidhne fhaighinn.

Sa Gàidhealtachd agus anns an earra thuath bithear a' pàigheadh 30% a bharrachd.

Tha an làrach-lìn ùr a chaidh fhoillseachadh le oifigearan ìrean malairt Comhairle na Gàidhealtachd mar phàirt de dh'oidhirp nàiseanta a' chùis a thoirt gu aire dhaoine.

Tha an làrach-lìn a' toirt comhairle do luchd-ceannach agus gnothachasan mu na còirichean aca agus na dleastanasan a th' orra, le fiosrachadh mu ciamar as urrainnear gearain gu diofar bhuidhnean.

An ath-sheachdain bidh Riaghaltas na h-Alba os cionn coinneamh le riochdairean gnìomhachais agus luchd-ceannach gus tuilleadh dhòighean fhaighinn gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh.