Tidsear air fastadh airson Bun Easain

Bun-Sgoil Bhun Easain Image copyright Chris Downer/Geograph

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gun deach aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air tidsear fhastadh airson aonad Gàidhlig ùr ann am Muile.

Bha trioblaidean air a bhith aca roimhe agus Oifis na Dùthcha air diùltadh bhìosa a thoirt do thè Chanadianaich a bha deònach a dhol a theagasg aig Bun-Sgoil Bhun Easain anns an Ros Mhuileach.

Shoirbhich leis an ùghdarras ionadail a-niste cuideigin eile fhastadh, agus iad gu bhith a' tòiseachdainn anns an aonad Ghàidhlig le ceathrar chloinne anns an Lùnastal.

Bidh triùir dhiubh sin ann am P2, agus aon phàiste ann am P1.

Chan eil ach beagan is 30 clann-sgoile anns an sgoil air fad.

"Toilichte"

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil tidsear againn a-niste, agus bha ùidh ann a thaobh dreuchd," thuirt Oifigear Foghlaim Ghàidhlig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Catriona Garvan.

"Ach bha sinn ag iarraidh cuideigin a bha freagarrach airson na sgoile. Freagarrach airson na seòrsa dreuchd.

"Agus tha mi gu math toilichte a ràdh gu bheil cuideigin math agus freagarrach againn a-niste," thuirt i.

Tha pàrantan na sgìre a' cur fàilte air an naidheachd cuideachd.

"Bha mi air mo dhòigh nuair a chuala mi an naidheachd gun d' fhuair sinn tidsear mu dheireadh thall," thuirt Jennifer NicIain.

"Tha mi a-nis an dòchas gum bi piseach anns an àite, agus gum bi daoine nas brosnachaile a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

"Mar sin bidh barrachd chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus bidh an cànan agus an cultar againn fhathast beò," thuirt i.