Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ministear Bhrexit Riaghaltas na h-Alba nach cuir Holyrood taic ri reachdas Bhrexit tuilleadh gus an tèid siostam fèin-riaglaidh a tha "briste", thuirt e, a chur ceart. Thuirt Mìcheal Ruiseal nach eil earbsa aig Riaghaltas na h-Alba ann am ministearan na Rìoghachd Aonaichte an dèidh eas-aonta mun dòigh anns an deach dèiligeadh ris a' bhile airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' coinneachadh ri ministear Oifis a' Chaibineit, Dàibhidh Liddington, an-diugh airson a' chiad uair bho chaidh reachdas Bhrexit tro Phàrlamaid Westminster gun aonta Pàrlamaid na h-Alba.

Airbus

Tha Airbus, a' chompanaidh a tha a' togail phlèanaichean, ag ràdh gum faodadh iad tarraing a-mach à Breatainn ma dh'fhailicheas air an Riaghaltas aonta Bhrexit a dhèanamh leis an Aonadh Eòrpach. Tha Airbus, aig a bheil 14,000 luchd-obrach air feadh Bhreatainn, den bheachd gun cailleadh iad €1bn a h-uile seachdain mura bi aonta eadar-amail ann. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach eil dùil sam bith acasan ri suidheachadh far nach bi aonta ann.

Sgoil Ealain Ghlaschu

Thèid buidheann ghnìomha a stèidheachadh airson taic a thoirt do luchd-gnothaich air a bheil teine aig Sgoil Ealain Ghlaschu an t-seachdain seo chaidh a' toirt buaidh. Tha bùthainnean, oifisean, taighean-bìdhe agus togalaichean eile - mòran dhiubh air Sràid Sauchiehall - faisg air togalach Mhic an Tòisich, fhathast dùinte.

Gateshead

Chaidh cobhair a dhèanamh anns a' mhadainn an-diugh air naoinear a bha glacte ann an togalach flataichean a chaidh na theine ann an Gateshead. Tha dithis inbheach agus dithis chloinne san ospadal.

E-Coli

Cha bhi rannsachadh FAI ann air bàs nighean bhig, trì bliadhna de dh'aois, à Siorrachd Dhùn Bhreatainn, a chaochail ann an 2016 an dèidh trioblaidean slàinte co-cheangailte ris a' ghalar e-Coli. Thuirt Oifis a' Chrùin an-uiridh nach biodh casaidean mu bhàs an leanaibh a' dol an aghaidh na companaidh Eddington Cheese, a tha stèidhichte ann an ceann a deas Shiorrachd Lannraig.

Fithich

Chuir poilis ann an Lancashire duine, a tha 47 bliadhna de dh'aois, an grèim co-cheangailte ri maoidheadh air beatha cheannard Dhualchas Nàdair na h-Alba an dèidh dhan bhuidhinn sin cead a thoirt seachad airson fìthich a mharbhadh. Cha tuirt cathraiche SNH, Mike Cantlay, dad mun chùis, ach gur e ùine gu math doirbh a th' air a bhith ann dha fhèin, agus dha theaghlach.