Slighe baidhseagal gu Eilean a' Cheò?

Prìomh-rathaid an Eilein Sgitheanaich

Bu chòir slighean sònraichte rothaireachd a thogail ri taobh chuid de rathaidean a tha fìor thrang le luchd-turais.

Sin a rèir aithisg ùr bhon bhuidhinn Transform Scotland. Tha iad ag ràdh gun toireadh slìghe rothaireachd dhan Eilean Sgitheanach uallach far a' phrìomh rathaid dhan eilean, is gum biodh e na bu shàbhailte do luchd-baidhseagail.

San aithisg aca, tha Transform Scotland a' togal air na buannachdan mòra - còrr is trì cheud muillean not sa bhliadhna nam measg - a tha rothaireachd a' cur ri eaconomaidh na h-Alba.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air leasachaidhean a chur an sàs. Nam measg, slighean sònraichte do luchd-baighseagail ri taobh chuid de rathaidean a tha fìor thrang le luchd-turais. Bhiodh seo cudromach a thaobh sàbhailteachd dha luchd-baighseagail, tha iad ag ràdh, agus gus uallach a thoirt far chuid de rathaidean a tha fìor thrang le luchd-turais.

Am measg nan slighean ùra a tha a' moladh, tha tè ùr tron Ghàidhealtachd gu ruige an Eilein Sgitheanaich, cho math ri leasachadh a dhèanamh air slighean a th' ann mar thà.