Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

25 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-seirbheis slàinte

Thèid àrdachadh de 9% air a' char as lugha a thairgse air luchd-obrach an NHS ann an Alba air an ath thrì bliadhna. Tha na h-aonaidhean ri gabhail fhathast ris an àrdachadh do nursaichean, mnathan-glùine agus dreuchdan eile a tha a'cosnadh suas gu £80,000. Cha toir an aonta seo buaidh sam bith air dotairean, fiaclairean neo àrd-mhanaidsearan. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur iad luchd-obrach na slàinte ann an Alba 's motha a bhios a' cosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Port-adhar Heathrow

Bhòtaidh Taigh nan Cumantan feasgar air a' phlana chonnspaideach airson an treas raon-laighe aig Heathrow. Tha an riaghaltas ag ràdh gun dèanadh an sgeama, a'chosgadh £14 billean, buannachd mhòr dhan eaconomaidh, ach tha nàimhdean a'gearain mu bhuaidh air an àrainneachd. Tha dùil gun toir a' bhòt sgaraidhean am follais am measg nan Tòraidh agus anns a' Phàrtaidh Làbarach. Agus tha coltas a-nis gu faodadh an SNP bhòtadh an aghaidh an leudachaidh, ged a bha iad ron seo ag ràdh gun cuireadh iad taic ris.

Dornach

Tha polais ag iarraidh air daoine baile Dhornach ann an Cataibh a sheachnadh 's gas ag aoidein an sin deidh tubaist eadar tancair gas agus làraidh. Thachair an tubaist air Rathad Evelix mu 0850 sa mhadainn. Thuirt na polais gun deach fiosrachadh a thoirt do sgoiltean anns an sgìre agus do mhuinntir an àite.

An Tuirc

Thuirt ùghdarras an taghaidh anns an Tuirc gu bheil an Ceann-suidhe Erdogan air an darna teirm a'ghlèidheadh. Tha Mgr Erdogan, aig an ìre seo, air cha mhòr 53% dè'n bhòt a ghlèidheadh agus chan fheum an darna cuairt de bhòtadh a bhith ann.

Slighe baidhseagal

Bu chòir slighean sònraichte baidhseagal a thogail ri taobh rathaidean a tha fìor thrang le luchd-turais a-rèir Transform Scotland. Tha am buidheann sin ag ràdh gun dèanadh slìghe rothaireachd ri taobh rathad an A87 dhan Eilean Sgitheanach, mar eisimpleir, cùisean nas sàbhailte do luchd-baidhseagal agus do thrafaig air an rathad sin.

Am Pàrtaidh Làbarach

'S i tè à Uibhist a Tuath a sheasas dhan Phàrtaidh Làbarach 'sna h-Eileanan an Iar aig an ath thaghadh coitcheann. Boinidh Alison NicThorcadail do Phaiblisgearraidh. Tha i na oifigear leasachaidh eaconamach aig Comhairle nan Eilean Siar agus na rùnaire air meur ionadail an aonaidh Unison. Tha dùil ris ath thaghadh coitcheann ann an 2022.