Cupa Amataireach na Gàidhealtachd

Ball coise ionadail

Chan eil ach aona sgioba à Leòdhas air fhàgail ann am farpais Cupa Amataireach na Gàidhealtachd.

Rinn an Taobh Siar an gnothaich air Loch Ness 2-1.

Chaill sgioba nan Lochan ri Abhach 3-2.

Chaill Athletic Steòrnabhaigh iad fhèin 2-1 ri Tom Aitinn.

Bidh an Taobh Siar a-nise a' cluiche Cunndainn anns a' chairteal chuairt dheireannach den fharpais.

Bidh an geama ann an Leòdhas air an 14 den Iuchair 2018.

S na geamannan eile dha na cairteal cuiartean deireannach, bidh Loch an Inbhir an aghaidh Pentland United, Abhach an aghaidh Lerwick Spurs agus bidh Baile Màiri a' cluiche Tom Aitinn.