Ceann a' Ghiùthsaich troimhe gu na cairteal cuairtean deireannach

Iomain Image copyright Neil G Paterson

Fhuair Ceann a' Ghiùthsaich làmh an uachdar air Cabar Fèidh 3-2 agus iad ag ath-chluiche geama an dàrna cuairt aig An Dàil.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich air dheireadh sa gheama dà thuras.

Sa Phrìomh Liog, cha robh tadhal idir sa gheama eadar na Sgitheanaich agus Ceann Loch Seile ann am Port Rìgh.

Thug Bail' Ùr an t-Slèibh droinneadh do Loch Abair 8-1 ann an Drochaid an Aonachainn.

Bha Caol Bhòid is Lòbhat co-ionnann aig 1-1.

3-3 a bh' eadar Camanachd an Òbain is Gleann Urchadain aig Pàirce Mossfield.

Tha Ceann Loch Sèile aig mulladh na lìog, ach tha Lòbhat is Bail' Ùr an t-Slèibh dìreach air an sàilean.

Ann an Cupa a' Bhaile Mhòir, chaidh An Gearasdan a-mach as dèidh buillean peanais agus an geama eadar iad fhèin is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheil air criochnachadh 1-1.

B'iad sgioba a' Ghearasdain a bhuannaich an fharpais an uiridh.

Anns an iar chuairt dheireannach eile, thug Cill Mhàilidh droinneadh 9-0 air a' Mhanachainn.