Demetriou a' dol gu Ross County

Demetriou

Tha an cluicheadair dìon Stelios Demetriou air ainm a chuir ri cùmhnant còmhla ri Ross County.

Seo an ceathramh cluicheadair a th' air aontachadh cluiche ann an Inbhir Pheofharain air an ath sheusan.

Chuidich Demetriou, 27, à Cìopras, St Mirren san iomairt aca gus gluasad suas chun a' Phremiership air an t-seusan mu dheireadh mus do leig sgioba Phàislig air falbh e.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Stuart Kettlewell gu robh iad air an dòigh glan gun d' fhuair iad air Stelios a thoirt chun a' chluba agus gu robh e a' creidsinn gum biodh e cudromach dhaibh air an ath sheusan.

Tha e comasach air cluiche ann an grunn dhiofar shuidheachaidhean air a' phàirce.