Poilis na Gàidhealtachd a' toirt rabhadh mu cus astar

Speed van

Tha poilis air rabhadh a thoirt do dhraibhearan na Gàidhealtachd mu cho cunnartach sa tha e a bhith falbh aig astar ro luath.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh ceithir charbadan a ghlacadh a' siubhal aig còrr air 100msu.

Thachair seo Là na Sàbainn air an A9 agus ann an Siorrachd Rois.

Thuirt Poilis Alba gun do ghlac sgiobannan trafaig triùir dhraibhearan a' siubhal aig cus astar air an A9 aig Deimhidh.

Chaidh fireannach aois 34 a stad air an A835 tuath air Gairbh agus e a' falbh aig 100msu.

Thèid athaisgean mu na dràibhearan uile a chuir gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tha Poilis Alba ag iarraidh air dràibhearan sam bith a tha a' miannachadh falbh aig cus astar beachdachadh mu na cunnartan a dh' fhaodadh sin adhbhrachadh.

Thuirt iad gu bheil duine sam bith nach eil a' toirt feart do chasgan astar a' sealtainn nach eil dragh orra mu 'n sàbhailteachd fhèin, neo do shàbhailteachd dhuine sam bith neo-chiontach eile air an rathad.