Davies a' fàgail County

Andrew Davies lifting the Scottish League cup Image copyright Getty Images

Dh'fhoillsich Ross County gu bheil iad fhèin agus Andrew Davies, a bha na sgiobair aig a' chluba, air tighinn gu aonta gu bheil e a' fàgail Inbhir Pheofharain.

Chaidh County sìos dhan Championship aig deireadh an t-seusain.

Thuirt iad gun do dh' aontaich iad an cùmhnant aig an t-seann sgiobair a thoirt gu ceann air sgàth "adhbharan pearsanta is teaghlaich agus am miann a bh'aige tilleadh a Shasainn."

Bha Davies os cionn na sgioba nuair a bhuannaich iag Cupa na Lìog ann an 2016.

Tha e air ainm a chuir ri cùmhnant còmhla ri Hartlepool United a tha san Lìog Nàiseanta.