''Guth làidir airson na h-Eileanan''

Alison NicThorcadail
Image caption Alison NicThorcadail

'S i tè à Uibhist a Tuath a sheasas dhan a' Phàrtaidh Làbarach 'na h-Eileanan an Iar aig an ath thaghadh coitcheann

Buinnidh Alison NicThorcadail do Phaiblisgearraidh.

Tha i na h-oifigear leasachaidh eaconamach aig Comhairle nan Eilean Siar agus na rùnaire air meur ionadail an aonaidh Unison.

Tha dùil ris ath thaghadh coitcheann ann an 2022.

''Guth làidir''

Thuirt a' bhana-mhaighstir NicThorcadail gu bheil cruaidh fheum air guth làidir airson dèiligeadh ri duilgheadasan na sgìre.

Chuir i ris an sin agus i ràdh ''tha na h-Eileanan an Iar an eisimeil a' ghinealaich òig gus an eaconomaidh a chumail a' dol.''

Dh'innis i ''tha mi deònach obrachadh còmhla ri duine sam bith, ge bith dè'm pàrtaidh dha'm buin iad gus seo a thoirt gu buil. ''

Thug i taing agus rinn i moladh mòr air Ealasaid NicDhòmhnaill a sheas dhan a' phàrtaidh aig an taghadh mu dheireadh.

Cha robh ach beagan's mìle bhòt eadar i fhèin agus tagraiche a' phàrtaidh Nàiseanta, Aonghas Briannan MacNèill.