Ospadal Phort Rìgh dùinte oidhche Dhòmhnaich

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Cha robh seirbheis mheidigeach ri fhaotainn oidhche Dhòmhnaich a-rithist ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Thuirt BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gur e bristeadh-dùil a bh' ann, ach gu bheil i misneachail gu bheil piseach gus tighinn air an t-suidheachadh a dh'aithghearr.

Tha ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air a bhith gun chùram meidigeach taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach grunn thursan le gainnead luchd-obrach ann an Ospadal Phort Rìgh.

Thachair e a-rithist oidhche Dhòmhnaich, leis an t-seirbheis ga toirt seachad às an ospadal san Ath Leathann.

Air a' mhìos a chaidh, ghabh NHS na Gàidhealtachd ri aithisg bho Sir Lewis Ritchie, a fhuair gum bu chòir cùram meidigeach a bhith ann an ceann a tuath an eilein a là 's a dh'oidhche.

Tha iad a' gealltainn gun tèid na molaidhean aige a chur an sàs.