Ainmean àite Thoirbheartain

  • Air fhoillseachadh
Sìldeig
Fo-thiotal an deilbh,
'S e glè bheag de mhuinntir na sgìre an-diugh aig a bheil a' Ghàidhlig.

Tha pròiseact sònraichte ann an Toirbheartan air taobh siar Rois airson ainmean àite na sgìre a chruinneachadh agus fhoillseachadh ann an clò agus air-loidhne a-nise a' tighinn gu ìre.

Thòisich ceathrar san sgìre an obair bho chionn ceithir bliadhna.

Bha iad cuideachd a' cruinneachadh nan stòiridhean air cùl nan ainmean bho dhaoine a bhuineas dhan sgìre, glè bheag dhiubh an-diugh le Gàidhlig.

Tha iad a-nise air a bhith a' taisbeanadh na rinn iad dhan choimhearsnachd.

Google Earth

"Bha sin a' cur ri chèile ainmeanan àite cuairt air Loch Toirbheartain," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach a tha an sàs sa phròiseact.

"Bha dùil againn bho chionn fhada fhada sin a dhèanamh, ach ceithir bliadhna air ais bha sinn anns a' Chomraich ag èisneachd ri Ruairidh Mac IllEathain, 's bha esan a' bruidhinn air ainmeanan àite agus thuirt sinn rinn fhìn "'s fheàrr dhuinn seo a dhèanamh a-nis".

"Mi fhìn 's mo bhràthair agus Alice, à Sìldeig. Alice NicIllFhinnein.

"Ach 's i mo phiuthair Anna, 's ise a bha dùil a bhith air a cheann, ach gu math duilich bhàsaich i gu math h-aithghearr, agus leis sin thug sinn beagan tìde mus d' fhuair sinn a' dol a-rithist.

"Agus a-rèiste, bha sinn a' dol cuairt. Bha sinn a' faighneachd ri feadhainn mun cuairt, bho na Feàrna Mòr, 's cuairt Sìldeig, Toirbheartan, Àiligin, Diabaig, dè na h-ainmeanan a bh' aca, 's an robh fhios aca cà robh aid? Cà robh na h-àiteachan.

"Tha mòran anns a' mhonadh. Ach na feadhainn aig an robh fios an h-ainmeanan, bha aid ag innse dhuinn "uill tha e faisg air seo, 's tha e faisg air siud.

"Ach fhuair sinn Google Earth air a' choimpiutair, agus cha mhòr nach fhaic thu a h-uile dad a dh'fhuemadh tu air sin, agus bha sin, rinn e mòran nas fhearasta a' cur nan àiteachan anns an àite cheart," thuirt e.

Stòiridhean

Cha b' e na h-ainmean a-mhàin air an robh am pròiseact ag amas ge-tà, ach na stòiridhean a bh' air cùl nan ainmean cuideachd.

"Tha mòran stòiridheanan anns an eachdraidh, agus bha feadhainn a' coimhead air a' choimpiutair," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Ach mòran dhe na stòiridhean 's e dìreach beul-aithris. Bha sinn a' faighneachd 's a-rèiste bha sinn a' sgrìobhadh a-bhàn nan stòiridheanan beag air bheag.

"Bha mòran ainmeanan.

"Tha mise à Àiligin, agus bha a' chuid mhòr dhe na h-ainmeanan ann an Àiligin agam mar thà.

"Ach Bràigh - no Wester Ailigin mar a their aid - 's Diabaig 's Toirbheartan, cha chuala mise mòran dhe na h-ainmeanan riamh.

"Cha robh sinn mun cuairt air sin.

"Bha sinn a' dol troimh Thoirbheartan, no troimh Sìldeig no troimh Dhiabaig.

"Ach 's e às na stòiridheanan dh'fhaodadh a bha sinn a' faighinn nan ainmeanan," thuirt e.

Cobhair

Nochd muinntir na sgìre ùidh mhòr anns a' phròiseact.

"Fhuair sinn cobhair glè mhath bho feadhainn. A h-uile duine," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Ach cha robh mi fhìn no Murchadh eòlach air obair choimpiutair.

"Ach fhuair sinn cobhair bho mhòran dhe dhaoine airson a h-uile dad a chur ri chèile anns an làrach-lìn, agus a-nise bios e air a' choimpiutair 's chì duine sam bith e," thuirt e.

Leis gu bheil a' Ghàidhlig a' crìonadh anns an sgìre, tha Mgr Dòmhnallach a' faicinn luach mhòir anns na choilean am pròiseact.

"Chan eil fhios don òigridh an-diugh - chan eil mòran aig am beil Gàidhlig.

"Ach tha mise glè thoilichte gun do rinn sinn seo. Glè ghlè thoilichte.

"Nan robh sinn air seo a dhèanamh bho chionn 40 bliadhna air ais, bhiodh fada chòrr ainmeanan againn.

"Tha sinn a' call barrachd is barrachd a h-uile ginealach a thèid seachad, tha sinn a' call nan aimeanan seo.

"'S tha aid a-nis anns an leabhar, 's bios aid air an eadar-lìon," thuirt e.