Plana Gàidhlig ùr aig UHI

UHI Image copyright Alpin Steward/Geograph

Foillsichidh Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean am plana Gàidhlig airson an ath-cheithir bliadhna Dimàirt.

Thuirt oifigear Gàidhlig an oilthigh, Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, gu bheil iad airson togail air rudan a shoirbhich anns an dà phlana mu dheireadh a bh' aca, is cuid de rudan nach do dh'obraich a leigeil seachad.

"Tha mi a' smaointinn, a' coimhead air a' chiad dà phlana, 's dòcha gun robh rudan anns na planaichean sin a bha sinn a' gealltainn a dhèanamh, ach gu math tric tha e a' tachairt nach urrainn dhut a thaobh chan eil na goireasan agad no chan eil na daoine agad a h-uile rud a tha thu airson a choileanadh a dhèanamh," thuirt Mgr Mac an t-Saoir.

"Ach na dhèidh sin, anns a' chiad phlana, agus san dàrna plana, thàinig rudeigin math às, agus tha mi an dòchas, an rud a dh'ionnsaich sinn, gur e gum faod sinn togail air na rudan a dh'obraich math, agus 's dòcha na rudan nach do dh'obraich cho math, chan eil sinn a' toirt uiread ùidh air sin an turas seo.

Curriculum

"'S ann dìreach a' feuchainn 's dòcha rudan ùra a chur nan àite.

"San ath-phlana tha sinn a' coimhead air cus a bharrachd a dhèanamh a thaobh churriculum.

"An rud a tha sin a' ciallachadh, tha sinn a' coimhead air foghlam adhartach, 's aig an aon àm cuideachd a' coimhead air foghlam àrd-ìre.

"Tha e cudromach gum bi sinn a' toirt air n-aghaidh spèis dhan dà rud.

"Agus mar sin tha gu leòr anns a' phlana seo a tha ceangailte ris a' churriculum, agus tha sin gu math cudromach a thaobh foghlaim san là a th' ann an-diugh.

"Tha clasaichean is cùrsaichean a' dol againn aig Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste Chaisteil Leòdhais, a tha a' coimhead air adhart airson seirbheisean nas fheàrr a thoirt seachad a thaobh teagasg Gàidhlig.

"Agus a-rithist, 's e rud gu math cudromach a tha sin.

"Agus tha sinn an dòchas an turas seo gu bheil sinn dha-rìribh ga fhaighinn ceart airson an rathaid air adhart," thuirt e.

Tha UHI a' sireadh bheachd a' phobaill mu dheidhinn a' phlana ùir.

"An-dràsta tha sinn a' dol a chur fiosrachaidh suas air an làraich-lìn, agus tha foirm ceangailte ri sin, agus faodaidh daoine fios a chur a-steach. Tha seo cudromach.

"Tha sinn cuideachd a' cur fiosrachaidh a-mach dhan luchd-obrach againn fhìn," thuirt e.