Leasanan-snàimh ann an Gàidhlig

Leasanan-snàimh Image copyright PA
Image caption Thèid na leasanan a thoirt seachad thairis air mìosan an t-samhraidh

Thèid leasanan-snàimh tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad airson a' chiad uair ann an Alba.

Chuir còrr 's 30 de chloinn ann an Loch Abar an ainm air adhart airson an leithid aig Ionad Spòrs na sgìre sa Ghearastan.

B' e beachd Eilidh NicArtair, a tha na h-oileanach aig an ionad, a bh'ann nuair a thug i an aire gu bheil Gàidhlig aig co-dhiù deichnear den luchd-obrach.

Thèid na leasanan a thoirt seachad thairis air mìosan an t-samhraidh.