Sgoil-àraich Ghàidhlig ann an Siorrachd Àir a Tuath?

  • Air fhoillseachadh
DealbhTùs an deilbh, Getty Images

Chuir Buidheann Pàrant 's Pàiste Cheann a Tuath Shiorrachd Àir tagradh gu comhairle na sgìre agus iad ag iarraidh sgoil-àraich Ghàidhlig.

Tha pàrantan an dòchas gur e a' chiad cheum a bhiodh ann gu foghlam sgoile tron Ghàidhlig anns an sgìre sin.

'S ann an-uiridh a chaidh a' bhuidheann a chur air chois.

Dh'innis iad gu bheil eadar triùir agus 11 phàist a' frithealadh na buidhne.

Tha iad a' coinneachadh dà thrup san t-seachdain.

Thuirt Anndra Dòmhnallach bhon bhuidhinn gu bheil e air leth soirbheachail.

Dh'innis e nach eil goireasan ceangailte ris a' Ghàidhlig anns an sgìre.

Coinneamh leis a' Chomhairle

Dhearbh fear-labhairt bho Chomhairle Cheann a Tuath Shiorrachd Àir gun d' fhuair iad iarrtas bhon bhuidhinn gus sgoil-àraich Ghàidhlig a stèidheachadh.

Thuirt e: ''thug sin cuireadh dhaibh coinneachadh ris an luchd-obrach a tha a' dèiligeadh ris a leithid gus sùil a thoirt air na roghainnean a tha mu ar coinneimh.''

Thuirt a' bhuidheann fhèin gu bheil iad airson cluinntinn bho dhaoine aig a bheil ùidh anns a' phròiseact.

Tha iad gu sònraichte airson cluinntinn bho phàrantan aig a bheil clann suas gu ceithir bliadhna de dh'aois, neo boireanaich a tha an dùil ri leanamh agus aig a bheil ùidh anns an leithid.